Seachd'S e film Gàidhlig le Simon Miller a tha ann an Seachd, 's esan na stiùiriche airson a chiad uair, stòiridh le Simon Miller agus Joanne Cockwell. Tha a chleasaiche òg Pàdruig Moireasdan ann còmhla ris a' bhàrd is sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul. Thoisich filmadh anns a' Ghiblean 2006 timcheall air Am Bioran Do-Ruigsinneach aig mullach an Sgurr Deirg sa Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach, agus chrìochnaich e anns an Ògmhios 2006. Bha prìomh-taisbeanadh an fhilm aig an Celtic Media Festival (https://web.archive.org/web/20070203030532/http://www.celticfilm.co.uk/) anns a' Mhart 2007. SgeulachdLàn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gu laighe air a sheanar. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a sheanair, sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gaidheal iad. Tha Aonghas 's a sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith. Sgioba nan cleasaichean
RiochdachaidhRi thighinn… Ceangalan a-muigh
|