Iain Eairdsidh MacAsgaill
B' e bàrd Gàidhlig, oifigear-poileis agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 1898 — 4 Ògmhios 1934) (Beurla:Iain Archie MacAskill, John Archie MacAskill[1]) B' e a shloinneadh Iain-Eirdsidh Dhòmhnaill Thormoid-Shaighdeir.[2] A BheathaRugadh e air 19 an Gearran 1898 agus chaochail e air 4 an t-Ògmhios 1934.[1] B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann.[2] Bha piuthar aige, Effie.[2] Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe.[1] An AlbaChaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh. Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915.[2] Aig deireadh a' chogaidh, bha e air a ghluasad on 5mh gus an 3mh battalion.[2] Anns an Dàmhair 1919, fhuair Iain Eairdsidh obair na chonstabal le poileas Baile Glaschu. Bha e cuideachd a' cluich ann an còmhlan-pìoba a' Phoileas Ghlaschu a bhuannaich Farpais an t-Saoghail ann an 1920. As dèidh ceithir bliadhna, ann an 1923, dh'fhàg e am Poileas is thill e a Bheàrnaraigh.[3] Dh'obair e air an tuathanas aig an t-Urr. Tormod Moireasdan.[2] An AstràiliaAnn an 1924, rinn Iain Eairdsidh roghainn Alba fhàgail. Bha cothroman tarraingeach ann an Astràilia ann an obair fearainn do dhaoine òga. Sheòl e air Latha na Bliadhna Ùire 1925 air an SS Themistocles.[2] An toiseach, dh'fhuireach e ann an campa ann am 'Borvedale', ann an Lake Varley, Astràilia an Iar. Bha obair aige, ach bhris a shlàinte agus bha fiachan aige. An aghaidh a thoil, chaidh a bhràthair, Calum, a-nall bho Ontario gu Astràilia an Iar ga chuideachadh.[4][3] Thill Calum as dèidh dà bhliadhna, ach dh'fhàs cùisean na bu mhiosa do Iain Eairdsidh. Chaill e am fearainn aige, Borvedale. Bha e a' cosnadh bith-beò le bhith ag obair air tuathanasan eile. Dh'fhulaing a slàinte a-rithist. Chaochail e ann an 1934. Chaidh a thìodhlaiceadh anns a' phìos talmhainn leis an àireamh 377 ann an Cladh Karrakatta, Peairt.[3] Ann an 1983, chuir an Dr Iain Napier MacAsgaill leac, no clach-uaighe, far an robh Iain Eairdsidh a thìodhlaiceadh.[3] Ann an 2010, 76 bliadhna as dèidh a bhàs, rinn ogha a bhràthair, Alina NicAsgaill Simpson, iomairt gus a dhust a thoirt air ais a eilean a bhreith, Beàrnaraigh. Thog Alina £6000 taobh a-staigh sia mìosan gus miann bràthair a seanair a choileanadh.[3] Foillseachaidhean
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
Òrain
Iomraidhean
Ceanglaichean a-muigh
Air Tobar an Dualchais
|